Gura mis’ tha fo mhìghean,
’S mi leam fhìn air a’ chnoc,
Fada, fada, bho m’ chàirdean,
Ann an àite ri port;
Gus am facas do bhàta,
Le siùil àrda ri dos,
Tigh’nn a-steach chun na h-Àirde
’S mac an àrmainn air stoc.
Mac an àrmainn air stiùir,
A tigh’nn a dh’ ionnsaidh an Troit;
Gu bheil an caolas a’ beucadh,
’S muir ag èirigh mu slait;
Tha do làmh-sa cho gleusta,
’S nach do thrèig ise neart;
Ged a thigeadh muir dubh-ghorm,
Chuireadh sgùradh a-steach.
’S ged bhiodh cìosnachadh mar’ ann,
’Bhuileadh barraibh a crann,
’Chuireadh dh’ ionnsaigh a slat i,
’S luaithe h-astar na long;
Bhiodh i aigeannach, aotrom,
’G èirigh eadar gach gleann,
’S muir a’ bualadh mu darach,
’Fuasgladh reangan is lann.
Bu tu sgiobair na fairge,
Bu tu fear falmadair grinn,
Gur tu b’ urrainn a stiùireadh,
’Nuair a dhiùltadh iad i;
Ged a bheireadh iad thairis,
’S iad na laighe ’s an tuim,
Chumadh tusa i cho gàireach,
Gus an tàrradh i tìr.
Chan eil aon rubha cladaich,
Eadar seo ’s a Chaoir-dhearg,
Eadar Lìte ’s gach cala,
’N dèanta fantainn neo falbh;
Chan eil maighstir soithich,
Chuala feothas do làimh,
Nach bi faighneachd, ’s a feòrach’,
Càite faighte do bhàt’.
Iùbhrach àlainn, ’s i fallainn,
’S i ri gabhail a’ chuain,
I ruith cho dìreach ri saighead,
’S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh;
Ged bhiodh stoirm chlacha’-meallain
Ann, ’s an cathadh a tuath,
Nì Fear Heisgeir a gabhail
Làmh nach athadh ro ’n stuaigh.
Tha Fear Heisgeir a’ tighinn;
Bu tu ceann-uidhe nan ceud,
Bu tu ceann-uidhe na cuideachd,
’S cha bu sgrubaire crìon;
’N àm ruighinn do bhaile,
Seal mu ’n cromadh a’ ghrian;
Bu tu mac an deagh athair,
Bha gu mathasach riamh.
Julie Fowlis еще тексты
Сейчас смотрят
- Julie Fowlis - Oran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhighean) [The Song of Fear Heisgeir]
- Daddy Yankee & Randy (Nota Loca) - Salgo Pa La Calle
- Julie Fowlis - Puirt-a-beul Set: ’S Toigh Leam Fhìn Buntàta ’s Ìm (I’m Fond of Potatoes and Butter) – Tha Fionnlagh ag Innearadh (Finlay is Spreading Manure) –...
- The Game - 1 blood remix (ft Jim Jones, Snoop Dogg, Nas, T.I., Fat Joe, Lil Wayne, N.O.R.E., Jadakiss, Styles P, Fabolous, Juelz Santana, Rick Ross, Twista, Kurupt, Daz Dillinger,...
- DMX- Go To Sleep Feat Obie Trice Eminem - Go to sleep
- ALyosha - To Be Free****Just wanna to be free on every mountain, every sea I gonna find the place to be free And I'm just like a bird so high in the sky to feel what he fly or let me go wild.........
- Aurosonic feat. Kate Louise Smith - Open Your Eyes (Kaimo K Remix) [How Trance Works]
- Европейцы - Гимн Европы
- Escape The Fate - Baby, don't talk to me I'm trying to let go Not loving you is harder than you know Girl you're driving me so crazy...
- ♥ ATB - You are my everything...I wanna thank you; not giving up on me I wanna thank you for believing what could be 'cause you mean so very much to me I wanna thank...
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1